Author Topic: rannsachadh sinnsearachd  (Read 22157 times)

Offline alasdair3131

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 10
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #18 on: Wednesday 25 January 12 20:40 GMT (UK) »
Tha mi a' fuireach ann an Wollongong (tha cuid ag ràdh gu bheil sin a' ciallachadh "Fuaim nan Tuinn" air neo "Fuaim na Mara"). Sin freagarrach leis gur e baile caol fada ri taobh na mara a th'ann an Wollongong.
Chan eil ach an aon Gàidheal sa bhaile. Gu mi-fhortanach tha call inntinn air a-nis agus tha e gu math bochd.
Bha fear eile sa bhaile à Islibhig, Leòdhas le MacAmhlaigh air, ainm a bh'air mo shinnsearan agus àite às an d'thàinig iad. Cha do thachair mi riamh air mus a bhàsaich e.
Tha mi fortanach gu bheil càirdean Skype agam, fear ann am Beinn na Faola 's tè eile sa Ghearmailt. Bidh sinn a' bruidhinn ri chèile a h-uile seachdain-deireadh. Tha cearcall comhraidh againn ann an Sydney a h-uile mios cuideachd, 's tha an fhirinn ann, cha bu chòir dhomh a bhith a' gearain idir.
Shearer, Denham, Lynagh, MacKenzie, Matheson, MacAulay
Ayr, Aird Uig, Islivig

Offline Uistman59

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 24
  • Census information Crown Copyright, from www.nationalarchives.gov.uk
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #19 on: Wednesday 25 January 12 21:39 GMT (UK) »
Gle mhath Alasdair, tha e math sin a chluinntinn.