Author Topic: rannsachadh sinnsearachd  (Read 22152 times)

Offline Catriona

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 7
  • I've not edited my PROFILE yet
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #9 on: Saturday 01 April 06 14:23 BST (UK) »
Hallo Pheigi agus Alasdair chan eil a' Ghaidhlig agamsa ro mhath ach bhath mi a coimhead ri na 'postings' agaibh. Tha mise a sealltainn airson MacAmhlaidh a Uige. Chan eil fios agam de pairt ann an Uig bho thainig iad ach tha fios agam gu robh iad ann a Siadar an Rubha ro census 1841.
Bha mo Sheanair a fuireachd ann a Steornabhadh bho 1934 gu 1970 nuair a chaochail e.
'S e Iain MacAmhlaidh a chaidh bho Uig gu Siadair. Tha mi smaointean gu 'n do phos esan ann an Uig ach chan eil mi cinnteach.

Faoda mi tuilleach a sgriobhach mun na daoine ma tha sibh a giarraidh.

Tha mi an dochas gun tig sibh seo.
Catriona

Offline alasdair3131

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 10
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #10 on: Saturday 01 April 06 21:14 BST (UK) »
Hello  Catriona
Moran taing airson a' sgriobhadh.
B'e Mairi Nic Amhlaidh (1849-1932) a bh'ann mo shinn- shinn-sheanamhair. Bha an  teaghlach aice a fuireach anns a' chlachan Islibhig ann an Uig, gu deas bho an traigh mhòr. Phòsa i mo shinn-shinn-sheanair, Alexander (Alasdair) MacKenzie anns a bhliadhna 1871. Tha an craobh-sheanchais agam air ais gu na 1600s, air ais gu Domhnall Cam MacAmhlaidh, Bhaltos, ged tha cuid de na craoibh ro eirmseach (a roimh 1700).
Bha Lord Thomas Babington Macaulay, eachdraiche ainmeil, Rose Macaulay, sgriobhadair, agus Zachary Macaulay, iomairtair ana-tràillealachd 's athair aig T. B. Macaulay, bho an teaghlach seo.
'S e Alexander MacKenzie, Mairi NicAmhlaidh agus a mhathair aig Mairi, Catriona NicLeoid a Uigen a th' air an dealbh ceangailte.
Tha tuilleadh fios agam ma tha thu ag iarraidh.
Le Meas
Alasdair
Shearer, Denham, Lynagh, MacKenzie, Matheson, MacAulay
Ayr, Aird Uig, Islivig

Offline Uistman59

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 24
  • Census information Crown Copyright, from www.nationalarchives.gov.uk
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #11 on: Sunday 22 January 12 21:06 GMT (UK) »
Tha am post seo inntinneach a chionns gun do chumadh an comhradh suas airson greiseag ach bhasaich e a mach. A bheil a h-uile rud agabh air a thional a nis agus gun an corr feum agaibh air a cheile? Tha sin duilich.

Chan eil mi fhein a deanamh moran rannsachadh sa Ghaidhlig oir tha mi air an taobh sin a dheanamh mar tha, ann an Uibhist, deas agus tuath.

Le gach deagh dhurachd,

Iain,

Offline fionnghal

  • RootsChat Member
  • ***
  • Posts: 240
  • "Cuimhnich air na daoine on tàinig thu."
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #12 on: Monday 23 January 12 12:52 GMT (UK) »
Iain a charaid, 's fhada on a dh'fhàg duine brath ann a sheo. Math a chluinntinn bhuat.   :)   'S ann à sgìrean eile a tha mo chuid shinnsearan. Chan eil duine aca bhon taobh agadsa.  Fìor mhongrel a th' annam ach chan eil sin a' cur dragh orm idir.  Tha iad uile cho inntinneach ge b' e có as a bha iad. 

Ma bha Gàidhlig aca, b' e Gàidhlig na h-Éireann a bhiodh innte.  Thàinig mu leth de mo ghinean a Éireann mu 200 bliadhna air ais, ach, air son rannsachadh a dhèanamh orra, 's e dùthaich caran dùbhlanach a tha sin.

Dòchas gu bheil thu gu math

leis gach deagh dhùrachd

Fionnghal
SCT SW Mc*Linden McSevney McMillan Riddick Martin Blackwood Hamilton
ABD Robertson Jackson Norrie
ANS Buik/ck Patrick Dick
DEV Jutsum Salter Northcott
FIF Lumsden Braid Lees Morice
HAM Piper Beavis Paskins Cole/s
KEN WIL Gatehouse Piper
LIN Flint
NBL Lumsden Davidson
NTH CAM Stokes
ROX Davidson Leck Halliwell Middlemis/t Turnbull
ENG SE LaRoche McGreal/Grail Beavis Clark/e Fitzmaurice Keens
YKS Appleyard Tyas Chester
IRE Mc*Linden McSevney McTeague Fitzmaurice McGrael
LOOK-UPS Carrbridge cem.


Offline Uistman59

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 24
  • Census information Crown Copyright, from www.nationalarchives.gov.uk
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #13 on: Monday 23 January 12 16:39 GMT (UK) »
'sann agad a tha an deagh Ghaidhlig. Bhiodh failte mhor romhad air Facebook https://www.facebook.com/groups/276482749074125/ ma tha uidh agad ann a bhith comhradh 'sa Ghaidhlig. 'se mongrel a th' anns a h-uile neach a shiubhals troimh a shinnsearachd. Chan eil e gu deifir, 'se cuir-0seachad inntinneach a th' ann. javascript:replaceText('%20;)',%20document.postmodify.message);

Offline fionnghal

  • RootsChat Member
  • ***
  • Posts: 240
  • "Cuimhnich air na daoine on tàinig thu."
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #14 on: Monday 23 January 12 17:50 GMT (UK) »
Chan eil cunntas agam air Facebook, Iain.  Chan e nach eil ùidh agam ann a bhith a' bruidhinn 's a' sgrìobhadh a-null is a-nall ri daoine sa Ghàidhlig ach nach eil ùidh agam ann am facebook fhéin.  Leis an fhìrinn innse, tha mi a' cur seachd tuilleadh sa choir tìm air a' choimpiutair mar-thà gun a bhith a' toirt sin os làimh cuideachd.  Tha buidheann againn an seo ann an Srath Spé is Bàideanach a' dèanamh ar dìcheill gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh ach, feumaidh mi ràdh gur obair mhór a th' ann a shin!  Feum agam air cuip fhada bhiorach aig amannan!  Tha cuairt-litir againn a chuireas mi a-mach a h-uile darna mìos mu na buill againn  - 's ann an sin a chitheadh tu na mearachdan.   :(

San dol seachad, tha mi a' cuideachadh Ruairidh MacIlleathain le bhith a' cruthachadh Dealbh-fhaclair gach ràith son na h-iris aige, Cothrom.  Bidh esan gam chumail ceart cuideachd.  Tha an obair sin a' còrdadh rium gu mór ged nach eil e an-còmhnaidh furasta uaireannan na faclan a tha a dhìth orm a lorg.  Mar eisimpleir, dé a bhiodh agad air an 'clothes rail' a tha sin ann am preas-aodach, far a crochadh tu na crochadairean-aodaich?  Rèile?  no rudeigin Gàidhlig?   ;)

Bha mi a' feuchainn ri duilleag a chruthachadh air fighe mar chuspair, fighe air bioran seach air beairt ach bha e duilich duilich na faclan Gàidhlig a lorg.  A bheil thu fhéin eòlach air boireannach aig am biodh fios?  Na caraidean a dh'fheuch mi fhìn, dh'aidich iad nach robh iad riamh ri fighe!  Mo chreach!  Chuir sin an dearg iongnadh orm; smaoinich mi gun robh a h-uile boireannach mun aon aois rim fhìn ri fighe uaireigin fiù 's mur an robh iad fhathast rithe.  Bidh e uamhaidh fhéin duilich ma chailleas sinn na faclan leis nach eil duine air an sgrìobhadh sìos fiù 's.

Ceart ma-thà, feumaidh mi togail orm.  cupa teatha a dhìth air an duin' agam

tìoraidh an-dràst'

Fionnghal
SCT SW Mc*Linden McSevney McMillan Riddick Martin Blackwood Hamilton
ABD Robertson Jackson Norrie
ANS Buik/ck Patrick Dick
DEV Jutsum Salter Northcott
FIF Lumsden Braid Lees Morice
HAM Piper Beavis Paskins Cole/s
KEN WIL Gatehouse Piper
LIN Flint
NBL Lumsden Davidson
NTH CAM Stokes
ROX Davidson Leck Halliwell Middlemis/t Turnbull
ENG SE LaRoche McGreal/Grail Beavis Clark/e Fitzmaurice Keens
YKS Appleyard Tyas Chester
IRE Mc*Linden McSevney McTeague Fitzmaurice McGrael
LOOK-UPS Carrbridge cem.

Offline alasdair3131

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 10
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #15 on: Wednesday 25 January 12 09:56 GMT (UK) »
Halò Uistman59,
Bha mi gad aithneachadh sa spot. Tha mi eòlach air do bhideothan youtube, gu h-àraidh an fheadhainn dhen chomhlan ciùil, Flair. Tha mi a' fuireach ann an Astràilia agus mar a bhiodh tu an dùil, cha bhi cothrom agam airson Gàidhlig a bhruidhinn cho tric. Bha mi ann an Alba an uiridh co-dhiù 's bha cothroman gu leòr agam. Ann an Eilean Leòdhais, na Hearadh agus an Eilean Sgitheanach. Tha mi an dòchas gun tadhal mi air Uibhist an ath bhliadhna. Bha mi an dùil airson a dhol ann an uiridh ach chaidh a h-uile rud "pear-shaped" (triomhe chèile?).
Sin mar a tha e.
Tioraidh
Alasdair
Shearer, Denham, Lynagh, MacKenzie, Matheson, MacAulay
Ayr, Aird Uig, Islivig

Offline Uistman59

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 24
  • Census information Crown Copyright, from www.nationalarchives.gov.uk
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #16 on: Wednesday 25 January 12 10:57 GMT (UK) »
Bha mi a smaointinn gunm biodh e na b' fhasa nan cleachdainn an aon ainm agus gun tuigeadh daoine a bha eolach air na bhideothan gur e an aon duine a bh' ann. Tha fios agam gu bheil corra Ghaidheal thall a sin, fear a Uibhist agus fear as an Eilean Sgiathanach air a bheil mi gle eolach. Chan eil e furasda tachairt ri daoine 's an t-astar cho mor eadar bhailtean. De am bad dhen duthaich 'sa bheil thu fhein?

Offline Uistman59

  • RootsChat Extra
  • **
  • Posts: 24
  • Census information Crown Copyright, from www.nationalarchives.gov.uk
    • View Profile
Re: rannsachadh sinnsearachd
« Reply #17 on: Wednesday 25 January 12 11:00 GMT (UK) »
A Fhionnghal, 's tu a tha ris an deagh obair comhladh le mo dheagh charaid Ruairidh.